`S e John Wood (c.1780–1847) an suirbhidhear as cudromaiche air bailtean Bhreatainn anns a’ chiad leth den naoidheamh linn deug. Eadar 1818 agus 1846, dhealbh e mapaichean de co-dhiù 148 de bhailtean Bhreatainn – coileanadh iongantach an uair a smaoinicheas duine air na dùbhlain a thaobh siubhal agus gur e margaidh glè bheag a bhiodh ann airson mapaichean bhailtean. Ann an cuid de shuidhichidhean, ghabh Wood ri obair bho luchd-dealbhaidh mhapaichean a chaidh roimhe, agus far na rinn e sin, tha sin air ainmeachadh gu soilleir, ach mar bu trice bha e-fhèin a’ dèanamh suirbhidh bho thùs, is gun teagamh `s e sin mar a thachair le Steòrnabhagh.
Tha plana foillsichte John Wood gu sònraichte luachmhor airson an liosta de luchd-sealbh thoglaichean ann an Steòrnabhagh, cuid dhiubh a bh’ ann an àrd dhreuchdan thall thairis. An Caiptean Iain MacCoinnich (a bha a fuireach aig oisean Mol a Deas agus Lanaig a’ Chidhe) a choisinn cliù dha fhèin ann a bhith a’ dìon Gibraltar an aghaidh feachdan an Spàinn `s an Fhraing (1779–1783), agus a bhàsaich ann an 1830, aois 67. Nas fhaide an ear air a Mhol a Deas, chì sinn Carn House, a bhuineadh don Chòirnealair Cailean MacCoinnich, a bhàsaich sa Chèitean 1821 ann an Chowringhee faisg air Calcutta, an aon bhliadhna sa chaidh am mapa seo fhoillseachadh. Dh’fhàg MacCoinnich Steòrnabhagh a’ dol gu Madras ann an 1783, agus, ann an 1815, chaidh a shuidheachadh mar Phrìomh Shuirbhidhear air Na h-Innseachan, stèidhichte aig Gearasdan Uilleim ann an Calcutta. The e a’ cheart cho dòcha gun deach an £30,000 a dh’fhàg MacCoinnich aig a phiuthar ann an Steòrnabhagh, agus leis am biodh i a’ toirt taic do charthannais, a chur ris an obair a rinn Wood. Nas fhaide an ear a-rithist, air togalach ainmichte ‘McLeod Esq’ (far a bheil Eaglais Cuimhneachaidh Mhàrtainn an-diugh), far na rugadh Alasdair MacCoinnich, an dàn-thurasaiche Canèidianach, air a bheil iomradh airson a thuras tro na Rockies gu stèidheachadh slighe tro fhearann Chanada.
Tha mapa làmh-sgrìobhte de Steòrnabhagh cuideachd aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, bhon àm seo (faic gu h-ìosal), le cuid de leasachaidhean tairgste (agus nach tàinig gu buil), nam measg cearcall sgèimhichte mun cuairt na h-Eaglais (far a bheil Seann Eaglais Paraiste Naomh Chaluim Chille). Tha seo air a dhealbh mar fo-dhealbh beag. Mapa “...Bàgh Steòrnabhaigh” le leasachaidhean tairgste. Ged nach deach a thogail a-riamh, chaidh greim a chumail air a bheachd: `s ann air dealbh Wood a stèidhich Leverhulme na planaichean aige airson factaraidh ùr airson obair chanastair anns a’ bhaile ann an 1918.
Bho 1813, bha Wood suidhichte ann an Dùn Èideann, agus bha a’ chiad obair a’ coimhead ri bailtean Albannach; 48 dhiubh sin air an cruinneachadh ann an Town Atlas of Scotland> (1828), còmhla ri obair mhionaideach Descriptive Account of the Principal Towns in Scotland (1828), far a bheil mìneachadh feumail air àitean, Steòrnabhagh nam measg:
"Airson an fhichead bliadhna mu dheireadh, cha robh ann an Steòrnabhagh, ach Baile beag iasgach, ach tro na h-oidhirpean inntinneach is tìr-ghràdhach aig Morair Shìphoirt, leis a bheil an àite, agus leis an tabhartas de thalamh airson togail, tha e air fàs na àite fior chudromach mar stèisean Iasgach. Chan eil àite sam bith eile an Alba, a tha ann an suidheachadh cho fasgach, air ceumannan luath a ghabhail gu leasachadh, an dà chuid a thaobh taigheadas agus malairt sa tha Steòrnabhagh. Tha an iasgach, gu sònraichte iasg geal, ga dhèanamh air sgèile mhòr. Tha timcheall air 120 bàta air an ullachadh gach bliadhna airson an iasgach sin."