Rannsaich na mapaichean

Sgrolaig am pannal gu h-ìosail gus na mapaichean fhaicinn

Tha an leughadair seo a’ toirt cothruim dhuibh rannsachadh taghadh de mhapaichean eachdraidheil Steòrnabhaigh agus an sgìre mun cuairt, eadar 1785-1964. Aig cridhe a’ chruinneachaidh tha seachd mapaichean air làmh-sgrìobhaidh bho Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh, agus mapaichean clò-bhuailte agus ann an làmh-sgrìobhaidh bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Na lùib cuideachd tha mapaichean bho t-Suirbhidh Òrdanais agus cairt-iùil Oifis Ùghdarras a’ Chabhlaich/Oifis Muir-eòlais.

Tha na mapaichean a’ toirt geur-bheachd air leasachadh Steòrnabhaigh thairis air an dà cheud bliadhna mu dheireadh, a’ gabhail a-steach thagraidhean leasachaidh (cuid nach deach am buileachadh). Nam measg cuideachd tha mapaichean de dh’Oighreachd Caisteal Leòdhais (1850), tagraidhean airson Rathad-iarainn Pentland Railway (1890), agus suirbhidh fàs-bheatha ùr-ghnàthach air Leòdhas is Na Hearadh (1919).

1785 – Bàgh cala Steòrnabhaigh agus am baile

Plan of the harbour bay and town of Stornoway, 1785

`S e am plana àlainn seo den oighreachd, air a choimiseanadh le agus air a bhuileachadh do Fhrangan MacCoinnich, A’ Chiad Baran Shìphoirt, an clàr mionaideach as tràithe de shealbhairean ainmichte ann an Steòrnabhagh, agus mar sin tha mòr luach ann airson eachdraidh ionadail agus eachdraidh teaghlaich. Mar is gnàth do mhapaichean oighreachd mar seo, tha gach cuibhreann talmhainn air an tomhais gu cùramach (sgrìobhte ann an Acraichean, Ròidean, agus Easan) agus tha mìneachadh air cleachdadh no comas àiteachais. `S iad So-àiteachaidh, Ionaltradh, Monadh is Gainmheach, agus Còinneach na prìomh roinnean, ach tha mìneachadh nas mionaidich ann cuideachd. A dh’aona ghnothaich, chan eil am mapa a mìneachadh meadhan a’ bhaile, ach tha an fhiosrachadh sin air mapa Chapman bho 1800 (gu h-ìosal).

  • Tiotal: A Plan of the harbour bay and town of Stornoway. With the adjoining lands. Part of the island of Lewis. Belonging heritably to Francis Humberston Mackenzie Esq. Seaforth. Made out of an accurate survey taken anno 1785.
  • Ceann-latha: 1785
  • Mìneachadh: 1 map: col.; 160 x 100 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh

ca. 1800 - Steòrnabhagh

James Chapman, Plan of the Town of Stornoway, 1800

Shuidhich Frangan MacCoinnich, a’ Chiad Baran Shìphoirt, Seumas Chapman mar Sheumarlan eadar anmoch anns 1790n suas gu timcheall air 1810. Bha Chapman cuideachd ag obair mar suirbhidhear air oighreachd ann an Uig an Eilean Sgitheanaich timcheall air 1803, agus, às dèidh sin bha e ag obair mar shuirbhidhear fearainn ann an Inbhirnis, ann am compàirteachas le Alexander Gibbs. Bha Chapman na rianaire air trichead sa ceithir croit air an stèidheachadh ann an eilean Bheàrnaraigh (iar-thuath Leòdhais) ro 1807, `s iongantach a’ chiad chroitean a chaidh an stèidheachadh ann an Innse Gall. B’ e fear de na prìomh luchd-brosnachaidh a thaobh caoraich ann an Leòdhas, a’ rianachd raointean mòra chaorach ann an iar-thuath an eilein an ear air Loch Ròg Beag, agus cuideachd air eilean Phabaidh agus air Bhaltos gu tuath.

`S e seo am mapa mionaidiche as tràithe de bhaile Steòrnabhaigh, agus far an robh daoine a’ fuireach ann an Iomair Sligeach agus Inacleit. Tha na prìomh shràidean air an ainmeachadh, agus tha na toglaichean soilleir. Tha gach pìos talmhainn le àireamh air an tomhais gu cùramach ann an acraichean, ròidean agus easan. Tha Inacleit (aig bonn a’ mhapa) ann am plana-griod le trì sràidean co-shìnte; chan eil fianais sam bith gun deach seo a thogail.

Tha mar a chaidh am mapa seo a ghlèidheadh ann an 2018 mìnichte sa bhlog.

  • Ainm: Chapman, James
  • Tiotal: Plan of the Town of Stornoway, Imrisligach and Inaclete
  • Ceann-latha: ca. 1800
  • Mìneachadh: 1 map: col.; 140 x 70 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh

1821 - Steòrnabhagh

John Wood, Plan of the Town and Harbour of Stornaway, 1821

`S e John Wood (c.1780–1847) an suirbhidhear as cudromaiche air bailtean Bhreatainn anns a’ chiad leth den naoidheamh linn deug. Eadar 1818 agus 1846, dhealbh e mapaichean de co-dhiù 148 de bhailtean Bhreatainn – coileanadh iongantach an uair a smaoinicheas duine air na dùbhlain a thaobh siubhal agus gur e margaidh glè bheag a bhiodh ann airson mapaichean bhailtean. Ann an cuid de shuidhichidhean, ghabh Wood ri obair bho luchd-dealbhaidh mhapaichean a chaidh roimhe, agus far na rinn e sin, tha sin air ainmeachadh gu soilleir, ach mar bu trice bha e-fhèin a’ dèanamh suirbhidh bho thùs, is gun teagamh `s e sin mar a thachair le Steòrnabhagh.

Tha plana foillsichte John Wood gu sònraichte luachmhor airson an liosta de luchd-sealbh thoglaichean ann an Steòrnabhagh, cuid dhiubh a bh’ ann an àrd dhreuchdan thall thairis. An Caiptean Iain MacCoinnich (a bha a fuireach aig oisean Mol a Deas agus Lanaig a’ Chidhe) a choisinn cliù dha fhèin ann a bhith a’ dìon Gibraltar an aghaidh feachdan an Spàinn `s an Fhraing (1779–1783), agus a bhàsaich ann an 1830, aois 67. Nas fhaide an ear air a Mhol a Deas, chì sinn Carn House, a bhuineadh don Chòirnealair Cailean MacCoinnich, a bhàsaich sa Chèitean 1821 ann an Chowringhee faisg air Calcutta, an aon bhliadhna sa chaidh am mapa seo fhoillseachadh. Dh’fhàg MacCoinnich Steòrnabhagh a’ dol gu Madras ann an 1783, agus, ann an 1815, chaidh a shuidheachadh mar Phrìomh Shuirbhidhear air Na h-Innseachan, stèidhichte aig Gearasdan Uilleim ann an Calcutta. The e a’ cheart cho dòcha gun deach an £30,000 a dh’fhàg MacCoinnich aig a phiuthar ann an Steòrnabhagh, agus leis am biodh i a’ toirt taic do charthannais, a chur ris an obair a rinn Wood. Nas fhaide an ear a-rithist, air togalach ainmichte ‘McLeod Esq’ (far a bheil Eaglais Cuimhneachaidh Mhàrtainn an-diugh), far na rugadh Alasdair MacCoinnich, an dàn-thurasaiche Canèidianach, air a bheil iomradh airson a thuras tro na Rockies gu stèidheachadh slighe tro fhearann Chanada.

Tha mapa làmh-sgrìobhte de Steòrnabhagh cuideachd aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, bhon àm seo (faic gu h-ìosal), le cuid de leasachaidhean tairgste (agus nach tàinig gu buil), nam measg cearcall sgèimhichte mun cuairt na h-Eaglais (far a bheil Àrd Eaglais Steòrnabhaigh). Tha seo air a dhealbh mar fo-dhealbh beag. Mapa “...Bàgh Steòrnabhaigh” le leasachaidhean tairgste. Ged nach deach a thogail a-riamh, chaidh greim a chumail air a bheachd: `s ann air dealbh Wood a stèidhich Leverhulme na planaichean aige airson factaraidh ùr airson obair chanastair anns a’ bhaile ann an 1918.

Bho 1813, bha Wood suidhichte ann an Dùn Èideann, agus bha a’ chiad obair a’ coimhead ri bailtean Albannach; 48 dhiubh sin air an cruinneachadh ann an Town Atlas of Scotland> (1828), còmhla ri obair mhionaideach Descriptive Account of the Principal Towns in Scotland (1828), far a bheil mìneachadh feumail air àitean, Steòrnabhagh nam measg:

"Airson an fhichead bliadhna mu dheireadh, cha robh ann an Steòrnabhagh, ach Baile beag iasgach, ach tro na h-oidhirpean inntinneach is tìr-ghràdhach aig Morair Shìphoirt, leis a bheil an àite, agus leis an tabhartas de thalamh airson togail, tha e air fàs na àite fior chudromach mar stèisean Iasgach. Chan eil àite sam bith eile an Alba, a tha ann an suidheachadh cho fasgach, air ceumannan luath a ghabhail gu leasachadh, an dà chuid a thaobh taigheadas agus malairt sa tha Steòrnabhagh. Tha an iasgach, gu sònraichte iasg geal, ga dhèanamh air sgèile mhòr. Tha timcheall air 120 bàta air an ullachadh gach bliadhna airson an iasgach sin."

  • Ainm: Wood, John, ca. 1780-1847
  • Tiotal: Plan of the Town and Harbour of Stornaway, Island of Lewis, from actual survey.
  • Ceann-latha: 1821.
  • Mìneachadh: 1 map ; 761 x 548 mm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh

1821 - Steòrnabhagh

John Wood, Plan of ground designated for building on & acres &c in Stornoway and environs, 1821

Tha plana làmh-sgrìobhte de Steòrnabhagh le John Wood cuideachd aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (faic os cionn), bhon àm seo, le leasachaidhean tairgste le cuid de leasachaidhean tairgste (agus nach tàinig gu buil), nam measg cearcall sgèimhichte mun cuairt na h-Eaglais (far a bheil Àrd Eaglais Steòrnabhaigh).. Ged nach deach a thogail a-riamh, chaidh greim a chumail air a bheachd: `s ann air dealbh Wood a stèidhich Leverhulme na planaichean aige airson factaraidh ùr airson obair chanastair anns a’ bhaile ann an 1918.

  • Ainm: Wood, John, ca. 1780-1847
  • Tiotal: Plan of gro[un]d designated for building on & acres &c [in Stornoway and environs]
  • Ceann-latha: 1821.
  • Mìneachadh: 1 map : col. ; 106 x 96 cm.
  • Le Buidheachas do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

1846 - Steòrnabhagh

Hydrographic Office, Stornoway Harbour, 1846

Seo an clàr mionaidiche as tràithe aig Ùghdarras a’ Chabhlaich, bho shuirbhidh leis a Chomanndair Eanraig C. Otter ann an 1846. Còmhla ri bhith a’ sealltainn an rannsachadh ann an troighean, cunnartan mara agus acarsaidean, tha e cuideachd a’ sealltainn suidheachadh coitcheann grunnd na mara (g. morghan; m. poll; r. creag; s. gainmheach; sh. sligean; st. clachan). Tha an t-slighe shàbhailte chun chala air a shealltainn gu soilleir le sgeidseachan aig bonn clàr an taigh-sholais aig Rubha Airinis, agus an t-slighe bho Eilean Chiùil gu Caisteal Leòdhais.

Mar a sgrìobh Otter ann an iùil stiùiridh 1874: ‘Tha am fearann chun ear air cala Steòrnabhaigh an ìre mhath ìosal, agus `s iomadh tubaist a ghabh àite mus do thogadh an taigh-sholais [in 1852] le gu robh soithichean a’ dèanamh mearachd le na bàigh bheaga aig beul a’ chala. Ann an aimsir culmach `s iad beanntan Bharabhais a chithear an toiseach, agus bu chòir a toirt [an t-soitheach] Tuath `s a bhith an Iar-thuath, agus sin a chumail gus a bheil am bàgh ri fhaicinn. Ann a bhith a’ tighinn bho thuath, thoiribh an aire gu faic sibh an taigh-sholais ris an latha, agus an solas air an oidhche, ro thionndadh aig Gob na Creige, ann a bhith a seachnadh a’ Chirc is na h-Iseanan’.

  • Ainm: Great Britain. Hydrographic Office
  • Tiotal: Stornoway Harbour
  • Ceann-latha: Surveyed 1846, published 1849.
  • Mìneachadh: 1 map ; 677 x 501 mm.
  • Le Buidheachas do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

1850 - Steòrnabhagh

Plan of the town of Stornoway, 1850

Tha am mapa aithriseach de Steòrnabhaigh air leth feumail mar phlana a’ sealltainn ìre agus farsaingeachd seilbh, ag ainmeachadh luchd-seilbh thoglaichean ann an Steòrnabhagh agus Einacleit ann an 1850. Chaidh a dhealbh air sgèile mhòr 1:1200, a’ toirt cothruim gach togalach agus pìos talmhainn fhaicinn gu soilleir. Dh’fhaodadh gur e Comhairle a’ Bhaile a thug coimisean airson a’ mhapa air adhbharan dealbhaidh, agus a thilleadh air a bhith a’ sealltainn planaichean airson fearann, tha e faicsinneach gun deach a chleachdadh airson leasachaidhean ùra a dhealbh. Tha iad seo a’ gabhail a-steach sràidean is toglaichean ùra an ear air a’ bhaile, mar a leudachadh air Sràid na h-Alba, agus na rathaidean a tha a ceangal Rathad Cheann a’ Bhàigh / Rathad MhicMhathain. Tha am mapa a’ sealltainn Àrd-sgoil MhicNeacail (1870s) air an làrach cheart agus rathad tairgste far a bheil Cearcall Chnoc nan Gobhar an-diugh. An dèidh sin a ràdh, tha mòran de na leasachaidhean sin, ann an dearg is uaine, nach deach an coileanadh. Tha nota aig bonn a’ mhapa ag ràdh ” `S e leth-bhreac a tha seo de phlana a chaidh dhèanamh ann an 1840 le Mgr. Daibhidh Mac a’ Mhuilleir, neach-taic do Mhgrn. Gordon agus Will, Innleadairean Shìobhalta, Glaschu, agus thatar a gabhail ris gun deach coimisean a thoirt dhaibh bho Chomhairle a’ Bhaile airson a’ chiad mhapa.

  • Tiotal: Plan of the town of Stornoway, 1850
  • Ceann-latha: 1850
  • Mìneachadh: 1 map: col.; 100 x 193 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Phoblach Steòrnabhaigh

1850 – Oighreachd Leòdhais

Plan of the Lewis Demesne / drawn by William Ogburn, Ordnance Survey 1850

An dèidh Eilean Leòdhais a cheannach ann an 1844, thug Seumas MacMhathain coimisean dhan ailtire, Teàrlach MacUilleim, gu Caisteal Leòdhais a thogail, air làrach seann Loidse Shìphoirt aig MacCoinnich. Thòisich am pròiseact togail ann an 1847, còmhla ri ath-leasachadh air a’ ghearraidh mun cuairt, agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1870 aig cosgais timcheall air £40,000.

Chaidh am fearann mun cuairt ath-leasachadh bho bhith creagach, sgorrach gus cruth-thìre grinn freagarrach airson oighreachd, le coilltean is raointean fosgailte, le seallaidhean àlainn de Steòrnabhagh agus a-null chun na mara. Mar a chìthear gu soilleir air a’ mhapa, bha slighean-charbaid agus lìonra farsaing de staranan tro agus timcheall a’ ghearraidh, le iomadh cuairt agus ionad-fradhairc. Tro dhealbhadh Oighreachd ùr Leòdhais, chaidh an luchd-seilbh a ghluasad bhon fhearann, chaidh an talamh-àitich a dhleasadh , agus chaidh rathaidean poblach an gluasad, ach ged nach robhas ro thoilichte le na bha tachairt, bha daoine taingeil airson obair, faochadh bho ghort agus pròiseactan eile a bh’ aig MacMhathain airson maith na coimhearsnachd aig an àm.

Tha am mapa aithris seo le Uilleam Ogburn bhon t-Suirbhidh Òrdanais, na nì sònraichte far an robh luchd-obrach na Suirbhidh Òrdanais ag obair air coimisean prìobhaideach, gu mapa a dhèanamh de “dh’Oighreachd Leòdhais” no a’ ghearraidh chruaidh. Tha am mapa aig ìre mhionaideach de 2.5 troigh ris a’ mhìle no 1:2,112 – nas motha na sgèile 25 òirleach ris a’ mhìle, aig an t-Suirbhidh Òrdanais ris an deidheadh gabhail bho 1855. Tha am map inntinneach le gu bheil e a’ foillseachadh samhlaidhean agus feartan-tìre a chìthear air planaichean bhailtean mòr-ìre Suirbhidh Òrdanais, air an robhas ag obair ann an Alba aig an àm ud. Tha iad a’ gabhail a-steach cleachdadh hachures gu àirde a chomharrachadh, agus a’ sealltainn àirdean sònraichte ann an troighean òs cionn ìre na mara.

Tha am mapa feumail cuideachd ann a bhith a’ dèanamh coimeas le mapa na Suirbhidh Òrdanais sia-òirlich ris a’ mhìle, a chaidh a dhèanamh ann an 1849. Tha am mapa seo bho 1850, air an deach suirbhidh a dhèanamh an ath bhliadhna a-rithist, a’ sealltainn feartan-tìre ùra, agus bhon a tha e aig ìre nas motha, chithear cùisean gu math mionaideach. Mar eisimpleir, an lonn grinn chun an iar den chaisteal le eilean na mheadhan, tha toglaichean ùra tuath den lòn, tha dubh-gharaidh ùr nas fhaide an iar, agus lios sgaoilte / àite preasanach gu tuath.

  • Ainm: Ogburn, William
  • Tiotal: Plan of the Lewis Demesne / drawn by William Ogburn, Ordnance Survey 1850
  • Ceann-latha: 1850
  • Mìneachadh: 1 map: col.; 99 x 123 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Poblach Steòrnabhaigh

1890 – Earrann Deuchainn air Slighe Rèile bh Steòrnabhagh gu Càrlabhagh

Trial Section for Railway from Stornoway to Carloway, April 1890

Leis an loidhne rèile tairgste seo bho na 1890’n, bha dùil Càrlabhagh agus Breascleit a cheangal ri costa an iar Steòrnabhaigh. Thòisich obair air an sgeama, ach nochd duilgheadasan eaconamach agus laghail. Ged nach deach an loidhne rèile a thogail a-riamh, bha “Rathad a Phentland” a’ leantainn an aon shlighe, agus chaidh sin a thogail na àite ann an 1912. Chaidh an Rathad ainmeachadh às dèidh Iain Mac na Ceàrdaich, no mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, am Morair Pentland, Rùnaire na h-Alba eadar 1905 agus 1912 agus a chuidich le maoin fhaighinn airson an rathad a chrìochnachadh.

Seo earrann mionaideach den loidhne rèile a’ sealltainn caisead an t-slighe, còmhla ri tuairmse air na dh’fheumte gluasad de thalamh. Tha an t-slighe mar a bhiodh e air uachdar na talmhainn ri fhaicinn air a’ mhapa gu h-ìosail.

  • Tiotal: Trial Section for Railway from Stornoway to Carloway, April 1890
  • Ceann-latha: 1890
  • Mìneachadh: 1 map; 70 x 1,071 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Poblach Steòrnabhaigh

1893 – Mapa Sealladh-tìre den loidhne-rèile Pentland tairgste.

Topographical map of proposed Pentland railway

Leis an loidhne rèile tairgste seo bho na 1890’n, bha dùil Càrlabhagh agus Breascleit a cheangal ri costa an iar Steòrnabhaigh. Thòisich obair air an sgeama, ach nochd duilgheadasan eaconamach agus laghail. Ged nach deach an loidhne rèile a thogail a-riamh, bha “Rathad a Phentland” a’ leantainn an aon shlighe, agus chaidh sin a thogail na àite ann an 1912. Chaidh an Rathad ainmeachadh às dèidh Iain Mac na Ceàrdaich, no mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, am Morair Pentland, Rùnaire na h-Alba eadar 1905 agus 1912 agus a chuidich le maoin fhaighinn airson an rathad a chrìochnachadh.

Tha am mapa seo dèanta le bhith a’ toirt ri chèile ceithir mapaichean Suirbhidh Òrdanais sia òirlich chun mhìle bho na 1850n, leis an t-slighe air a chomharrachadh air uachdair. Na chois tha an earrann den t-slighe bho chliathaich, mar a chithear gu h-àrd. Faisg air Càrlabhagh, chithear "Loidhne ghorm a’ sealltainn an t-slighe air an deach suirbhidh a dhèanamh an-toiseach, agus air atharrachadh gus nach deidheadh talamh àitich a mhilleadh."

  • Tiotal: [Topographical map of proposed Pentland railway]
  • Ceann-latha: 1893
  • Mìneachadh: 1 map; 130 x 276 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Poblach Steòrnabhaigh

1919 - Steòrnabhagh

Port Sunlight plan of Stornoway, showing proposed lay-out, 1919

Bhon Chèitean 1918 bha Eilean Leòdhais air a cheannach leis an Neach-gnìomhachais soirbheachail William Lever, 1d Biocas Leverhulme. `S e am prìomhachas a bh’ aig Leverhulme gnìomhachas an iasgaich a thoirt air ais tro in-thasgadh calpa, comhdhail nas fheàrr agus margaidheachd, an dèidh dha sealbh fhaighinn air Mac Fisheries sreath de bhùthan-èisg. Bha ùidh aige cuideachd ann an dealbhadh baile, agus bha e cheana air baile a leasachaidh aig Port Sunlight, faisg air Birkenhead, a chaidh a thogail bho 1888.

Tha am plana baile seo de Steòrnabhagh le Seumas Lomax-Simpson, an dalta-baistidh aig Leverhulme agus am prìomh ailtire aig Port Sunlight. Ghabh Simpson an uallach airson Roinn Ailtireach Bràithrean Lever bho 1910 agus bho 1917, bha e na stiùiriche. Na dhleastanas mar Ailtire a’ Chompanaidh, bha e ag obair ann an còrr air còig air fhichead dùthaich air feadh an t-saoghail, ach bha e cuideachd a’ dèanamh mòran obrach do Lever fhèin, sin a’ gabhail a-steach atharrachaidhean ri Caisteal Leòdhais. Tha am plana a’ soilleireachadh beachdan adhartach Leverhulme gu Steòrnabhagh ath-leasachadh mar bhaile uaine, le fo-bhailtean, craobh-shlighean leathann, taighean ann an cearcaill, agus raointean fosgailte. Tha na loidhnichean-rèile ùr, a bha mar phàirt de na planaichean sa fharsaingeachd airson cruth-atharrachadh eaconamach air Leòdhas, a’ lùbadh a-steach agus sìos chun Chala air taobh an ear a’ bhaile. Tha na rathaidean a th’ ann mar tha air an comharrachadh le loidhnichean briste. Ann an àiteachan, bha dùil ‘Parlour Cottages’ a thogail, mar a chaidh a thogail aig Port Sunlight, amar thaighean nas motha airson 'Ealan is Ciùird' le teaghlaichean a bhiodh ag obair le rùm coinneachaidh air an làr ìosail. Ged a bha seo lèirsinneach agus adhartach, bhiodh na sràidean ùra air cur às do mhòran dhan t-seann bhaile. Tro thìde, chaidh na planaichean atharrachadh, agus chithear sin anns an sgrìobhadh aig mullach a’ phlana. Chaidh beagan den obair togail air adhart ann na 1920’n, ach le duilgheadasan eaconamach agus na h-eileanaich a bhith an aghaidh planaichean Leverhulme, chaidh bacadh a chur air an leasachadh, agus ro 1923 bha na sgeamaichean gu mòr air an leigeil seachad.

  • Ainm: Simpson, J.L.
  • Tiotal: Stornoway [Port Sunlight plan of Stornoway, showing proposed lay-out]. By J.L. Simpson architect. 16/07/1919
  • Ceann-latha: 1919
  • Mìneachadh: 1 map: col.; 71 x 71 cm
  • Le buidheachas do dh’Urras Steòrnabhaigh

1919 – Leòdhas agus Na Hearadh

Lewis and Harris: main aspects of the vegetation, 1919

Thug an ceangal aig Leverhulme leis an t-sòiseo-eòlaiche agus dealbhaiche Pàdraig Geddes cothrom do mhac, Arthur Geddes, agus don neach-saidheans agus tuathanach Dr Marcel Hardy anns an Fhoghar 1919, suirbhidh mionaideach a ghabhail os làimh air talamh àitich agus fàs-bheatha ann an Leòdhas agus Na Hearadh. Bhathar a gabhail ris gum biodh an iasgach soirbheachail agus prìomh mhodh teach-a-steach. Chaidh iarraidh air Hardy agus Geddes tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air tachartasan mar buin mhònach malairteach, cur choilltean agus leasachadh air gàirneilearachd airson a’ mhargaidh.

Roinn a’ chiad suirbhidh le Hardy agus Geddes an fhearann ann an ochd gnèithean fàs: talamh àitich, machair, riasg, boglaichean, ionaltradh àirigh, coilltean, ionaltradh sgorrach agus monadh. Chaidh dathan a chur le làimhe air mapa Suirbhidh Òrdanais òirleach chun mhìle mar phàirt de dh’ aithris mionaideach sgrìobhte dha Leverhulme. Tha am mapa fhèin na fhianais air eisimpleir tràth air fàs-bheatha agus mapadh cleachdadh talmhainn an Alba, agus na h-atharrachaidhean àiteachais a thachair mar thoradh air, ged a bha iad ro-dhòchasach, bha iad stèidhichte air tuigse nas fharsainge air eag-eòlas agus an aimsir. Aig mullach na duilleig ('Leovigis Rediviva' no ‘Ath-nuadhachadh Leòdhais’) chithear earrann trasta de Leòdhas bho iar-dheas chun ear-thuath, a’ sealltainn a bhuaidh a bhiodh aig talamh a thoirt air ais gu àiteachas, coillteachadh ionadail, liosan-chaol, agus bàrr uaine.

Deich bliadhna an dèidh seo, thug an sochaire-daonna Albannach-Canèidianach T. B. Macaulay brosnachadh do Arthur Geddes tilleadh a Leòdhas gus an t-suirbhidh ùrachadh. Choisinn Geddes cliù dha fhèin mar eòlaiche-sòiseo agus eòlaiche-eachdraidh air tuath na h-Alba a thuilleadh air ùidh anns Na h-Innseachan agus cruinn-eòlas meidigeach, agus thug e iomadh turas dhan eilean. Ann an 1936 dh’fhoillsich Geddes mapa ann an clò de dh’fhàs-bheatha Leòdhais is Na Hearadh aig ìre nas lugha – 4 mìle chun òirleach air a dhealbh John Bartholomew & Son, agus a nochd a-rithist ann an leabhar Geddes The Isle of Lewis and Harris. A study in British community (1955).

  • Ainm: Hardy, Marcel; Geddes, Arthur
  • Tiotal: Lewis and Harris: main aspects of the vegetation
  • Ceann-latha: 1919
  • Mìneachadh: 1 map ; 1410 x 1024 mm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

1950n? - Steòrnabhagh

Burgh of Stornoway;  Plan of changes 1904, 1954; early 20thC

`S e prìomh adhbhar a’ phlana seo sealltainn mar a leudaich crìochan rianachd Baile Steòrnabhaigh bho 1862 troimhe gu 1954, agus chaidh a tharraing goirid as dèidh 1954. Mar a chithear bhon chlàr-mìneachaidh, tha na loidhnichean dathte a’ comharrachadh na ceithir amannan tron ùine còmhla ri meud a’ bhaile:

  • crìochan tùsail a’ bhaile fo Achd Poileas Baile 1862/1863 (ann am buidhe) - 151 acraichean
  • air a leudachadh ann an 1904 (ann an donn) - 255 acraichean
  • air a leudachadh ann an 1935 (ann an dearg) - 545 acraichean
  • air a leudachadh ann an 1954 (ann an gorm) - 596.7 acres

Tha an dath gu math fann, agus ged a tha na crìochan buidhe is gorm fhathast soilleir, tha na crìochan donn is dearg nas doirbh am faicinn far a bheil crìochan a’ bhaile a leudachadh a-steach dhan dùthaich.

Cho math ri bhith a’ sealltainn crìochan, tha am mapa sònraichte feumail ann a bhith a’ toirt fiosrachadh cruth-thìre mu bhaile Steòrnabhaigh troimhe gu meadhan na 1950’n. Tha am mapa a’ cleachdadh mapaichean na Suirbhidh Òrdanais 25 òirleach ris a’ mhìle bho 1895 (faic os cionn) mar bhun-stèidh, agus tha àireamhan nam pìosan talmhainn agus acraichean co-ionnan ri na duilleagan bho 1890n. Ach, chaidh an fhiosrachadh ùr bho na 1950n a chur ris, a’ gabhail a-steach sràidean ùra, toglaichean, ionadan gnìomhachais, cidheachan, agus bun-structar co-cheangailte. Tha am mapa feumail airson coimeas ri mapaichean na Suirbhidh Òrdanais 1:2,500 bho 1964 (faic gu h-ìosail), far am faicear obair togail a ghabh àite anns na deich bliadhna eatorra. Tha mapa 1950n a sealltainn na toglaichean a bhathas an dùil an togail agus na sràidean a chaidh an togail; air plana 1950n chithear dreachd de chuid de shràidean agus toglaichean, air an dealbh no gu robhas gan togail, agus air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais na 1960n chithear gun deach iad seo a chrìochnachadh. Thatar an dùil gu robh am mapa inntinneach seo dèanta fo choimisean bho Comhairle a’ Bhaile air adhbharan dealbhaidh.

  • Tiotal: Burgh of Stornoway; Plan of changes 1904, 1954; early 20th C
  • Ceann-latha: 1950s?
  • Mìneachadh: 1 map: col.; 92 x 111 cm.
  • Le buidheachas do Leabharlann Poblach Steòrnabhaigh